Gaelic in schools

Gaelic medium education

English version

Our Gaelic primary school is Bun-sgoil Taobh na Pàirce. You can go to the school if you live in the area of

  • The City of Edinburgh Council
  • East Lothian Council
  • Midlothian Council
  • West Lothian Council.

Apply for a P1 place

You don't need any knowledge of Gaelic for entry to P1.

If you live in the City of Edinburgh area please register your child for P1 at Taobh na Pàirce. The school will confirm your place at a later date.

If you live in the Lothians or another local authority, please submit a placing request.

Apply for other primary year groups

If you join Taobh na Pàirce after P1 starts or in P2-P7, we expect you to have a knowledge of Gaelic similar to others in the year group.

Contact the school to request a place. We only offer a place if one is available in your child's year group.

Gaelic in secondary

If you go to Taobh na Pàirce, you will transfer to James Gillespie’s High School automatically, so you can continue your Gaelic studies. You will be told about this in the November of the year before you are due to start S1.

If you don’t go to Taobh na Pàirce, you can apply for S1 at James Gillespie’s High School if you have completed your primary education at another Gaelic medium school.

You can join after S1 starts or in S2-S6 if you attended another Gaelic medium secondary school.

Contact the school to request a place. We only offer a place if one is available in your child's year group.

Gaelic version

'S e Bun-sgoil Taobh na Pàirce a' bhun-sgoil Ghàidhlig againn. Faodaidh tu a dhol dhan sgoil ma tha thu a' fuireach anns na sgìrean a leanas

  • Comhairle Baile Dhùn Èideann
  • Comhairle Lodainn an Ear
  • Lodainn Mheadhanach
  • Comhairle Lodainn an Iar.

Cuir a-steach airson àite ann an Clas 1 sa bhun-sgoil

Chan fheum Gàidhlig sam bith a bhith agad airson a dhol a-steach gu BS1.

Ma tha thu a' fuireach ann am Baile Dhùn Èideann, clàraich do phàiste airson BS1 aig Taobh na Pàirce. Gheibh thu dearbhadh bhon sgoil air an àite agad an ceann greis.

Ma tha thu a' fuireach ann an Lodainn an Iar no an Ear no ann an Lodainn Mheadhanach, cuir a-steach iarrtas airson àite san sgoil.

Cuir a-steach airson àite ann am bliadhna sam bith eile sa bhun-sgoil

Ma thig thu a-steach gu Taobh na Pàirce às dèidh toiseach BS1, no ann am BS2-BS7, tha sinn an dùil gum bi eòlas agad air a' Ghàidhlig a tha aig an aon ìre ris an fheadhainn eile sa bhliadhna sgoile sin.

Cuir fios dhan sgoil gus iarrtas a dhèanamh airson àite. Cha bhi sinn a' toirt àite dhut ach a-mhàin ma tha àite bàn ann am bliadhna sgoile do phàiste.

A' Ghàidhlig anns an àrd-sgoil

Ma tha thu a' dol gu Taobh na Pàirce, thèid thu air adhart do dh'Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig gu fèin-obrachail gus an lean thu ort leis an fhoghlam Ghàidhlig agad. Thèid innse dhut mu dhèidhinn seo san t-Samhain anns a' bhliadhna mus tèid thu a-steach gu AS1.

Mur eil thu a' dol gu Taobh na Pàirce, is urrainn dhut cur a-steach airson AS1 ann an Àrd-sgoil Sheumais Ghilleasbuig ma tha thu air do chuid foghlaim bun-sgoil gu lèir fhaighinn ann an sgoil eile tro mheadhan na Gàidhlig.

Is urrainn dhut a dhol a-steach dhan sgoil às dèidh toiseach AS1 no ann an AS2-6 ma tha thu air a dhol gu àrd-sgoil eile tro mheadhan na Gàidhlig.

Cuir fios dhan sgoil gus iarrtas a dhèanamh airson àite. Cha bhi sinn a' toirt dhut àite ach a-mhàin ma tha àite bàn ann am bliadhna sgoile do phàiste.

Do you have any comments about this page?

Help us improve edinburgh.gov.uk

  • The City of Edinburgh Council will only use this email address to respond to any issues raised.